From the recording The Willow Sessions

In cart Not available Out of stock

Traditional

Lyrics

Thig am bàta, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Moch a-màireach, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Bidh m' athair innte, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
'S mo thriùir bhràithrean, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Mo chèile donn, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Air ràmh bràghad, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Gheibh iad mise, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Air mo bhàthadh, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Togaidh iad mi, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Air na ràmhan, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Mo thrusgan donn, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Snàmh na fairge, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Mo chuailean donn, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Am measg nan carraigean, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Mo bhroids airgid, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Am measg nan gainmheach, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Cha b' e 'n t-acras, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Chuir dhan tràigh mi, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Miann an duileasg, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Miann nam bàirneach, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Sòraidh eile, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Gu mo phàisdean, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Fear dhiubh bliadhna, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Fear a dhà dhiubh, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

A' fear bliadhna, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Nach eil làidir, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Dh' fhàg mi e, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
As a' chùlaist, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Iarraidh e a-nochd, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Cìoch a mhàthar, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Ma dh' iarr chan fhaigh e, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Ach sùgan sàile, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Ò, mo mhollachd, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Aig bean eudaich, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

'S dh' fhàg i mise, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
'S an sgeir bhàthte, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

'S thig am bàta, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Moch a-màireach, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

'S gheibh iad mise, àill i ò; ro àilleagan àill i ò
Air mo bhàthadh, haoi ò; ro àilleagan àill i ò

Hé hò; ro àilleagan àill i ò!





The boat will come, early tomorrow.

My father will be on board and my three brothers.

My brown-haired husband at the breast-oar.

They'll find me drowned.

They will lift me up on the oars.

My brown cloak swimming in the sea.

My brown locks among the carageen.

My silver broch among the sand.

It wasn't hunger that sent me to the shore

or a craving for dulse or limpets.

Another farewell to my little ones,

one a year old, one a two year old.

The year old, who is not strong,

I left him in the back room.

Tonight he will ask for his mother's breast.

If he does he will get only sea-water.

Oh my curses on the jealous woman

She left me on the rock of drowning

The boat will come early tomorrow,

They'll find me drowned.